Go To Top

Fichead Bliadhna Lyrics

Ruith's a mhonadh
Ruith nam beann
'S mar sin dhan sgoil aig deireadh samhraidh
'Nar clann
Aig coig bliadhna dh'aois
'S gun facal beurla 'nar ceann

Seo do leabhar,
Sea do pheann.
"Dean do leasan", thuirt iad riumsa,
"'S gunn eirich sibh suas anns an t-saoghal
'S gheibh sibh an adhart ann."

Fichead bliadhna'airson firinn
B'fheudar dhomh feitheamh
'S b'fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn.

Dh'ionnsaich sinn a leithid ann
Canan's bardachd, bardachd Bheurla
Ceol na Gearmailt
Eachdraidh na Spainnt
'S b'e sin an eachdraidh mheallt

Bhon sgoil do'n oilthigh chaidh sinn ann
A' leantail foghlum, tuilleadh foghlum
Mar amadan air deiradh streang
Seorsa de dh'fhoghlum 'nam cheann

Fichead bliadhna'airson firinn
B'fheudar dhomh feitheamh
'S b'fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn.

Ach dh'eirich mi suas anns an t-saoghal
Fhuair mi deise, 's fhuair mi leine
Fhuair mi aite ann an suilean dhaoin
Fada bhon mhonadh mi'n drasd

Carson a chum iad eadchraidh bhuainn
Innsidh mi dhut, tha iad gealltach
Mas eirich clann nan Gaidheal suas
Le ceistean sireach is cruaidh

Fichead bliadhna'airson firinn
B'fheudar dhomh feitheamh
'S b'fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhreugan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn.

Nuair a thoisich mi air lorg
Cha do chreid mi mo shuilean
Obair olc.

"S iomadh rud a chunnaic mi ri mo latha agus ri mo linn. Chunna mi na mnathan a cur na cloinne anns na cairtean a bha dh'an cur o'n Iochdar agus o Bheinne Bhadla. Am fir phosda ceangailte ri'n taobh gun chomas laimh cuideachidh a thoir dhaibh. chunna mi na fir mhora laidir, ceatharnaich an t-saoghail, dh'an ceangan air ceidhe Loch Baghasdail agus dh'an tilgeil ann an luing mar an crodh.
Dh'fhalbh iad uile gu straidean Ghlasacho agus gu fasaichean Chanada, a'chuid dhiubh nach do bhasaich le acras agus le plaigh a dol a null air a'chuain. Aig Dia nan dul agus aige-san a mhain tha fios air obair ghrineil dhaoine an la ud."


Fichead bliadhn' 's mi aineolach.

Fichead Bliadhna Lyrics performed by Runrig are property and copyright of the authors, artists and labels. You should note that Fichead Bliadhna Lyrics performed by Runrig is only provided for educational purposes only and if you like the song you should buy the CD


What is the meaning of Fichead Bliadhna lyrics?