Go To Top

Foghar Nan Eilean '78 Lyrics

Tha na duilleagan a' dannsa
Bho na craobhan anns a' ghaoith
Foghar donn ar bliadhn' air tionndadh
Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Sona dh'fhag thu mi le m'eilean
'S leam na lochan is na baigh
Mo cridh' aig tamh air beanntab geamhraidh
Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Foghar nan eilean
Foghar mu thuath
Gheibh sinn beatha mar a chleachd sinn
Mas tainig an t-sluagh
Bidh am fraoch air nam beanntan
'S a choille ruadh fon ghrian
'S iad a sealltain dathan dhomsa
Gus an till iad a rithis

Tha an latha seachad buintean duinnte
Gheibh an caisteal fois na h-oidhch'
Gheibh an t-airgead cadal socair
Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Mar a dh'atharraich iad ar beoshlaint
Mhill iad dualchas cainnt 's ru doigh
Ach fhoghair, crathaidh mi do lamh
Nis tha luchd an t-samhraidh ma sgaoil

Foghar nan eilean
Foghar mu thuath
Gheibh sinn beatha mar a chleachd sinn
Mas tainig an t-sluagh
Bidh am fraoch air nam beanntan
'S a choille ruadh fon ghrian
'S iad a sealltain dathan dhomsa
Gus an till iad a rithis

Foghar Nan Eilean '78 Lyrics performed by Runrig are property and copyright of the authors, artists and labels. You should note that Foghar Nan Eilean '78 Lyrics performed by Runrig is only provided for educational purposes only and if you like the song you should buy the CD


What is the meaning of Foghar Nan Eilean '78 lyrics?