Go To Top

Air A'Chuan Lyrics

Tha am ball air fhuasgladh
Is tha sinn a' gluasad
Air a' chuan, air a' chuan
Tha sinn a' seoladh
Tro thonnan uaine
Air a' chuan, air a' chuan

Air cursa deonach
Tha sinn a' seoladh
Air a' chuan, air a' chuan
Fad bho thir
Is an talamh aghmhor
Air a' chuan, air a' chuan

Is mi a' sealltainn man cuairt
Is mi cho fada bhuat
Cail ach muir, tonnan is cuan
O mo rùn

Tha a' ghaoth a' seideadh
Nan tonnan fiadhaich
Air a' chuan, air a' chuan
Tro thonnan fiadhaich
Is droch shide
Air a' chuan, air a' chuan

Cho domhain an cuan
Cho luachmhor an uair
Nach mair fada buan
O mo rùn

Sinn a' treabhadh
Tron an oidhche
Air a' chuan, air a' chuan
Siubhal sàbhailteachd
Is madainn shunndach
Air a' chuan, air a' chuan

Thig crioch air an t-saoghal
Is thig crioch air daoin'
Ach mairidh ceol is mairidh gaol
O mo rùn

Air A'Chuan Lyrics performed by Runrig are property and copyright of the authors, artists and labels. You should note that Air A'Chuan Lyrics performed by Runrig is only provided for educational purposes only and if you like the song you should buy the CD


What is the meaning of Air A'Chuan lyrics?