Air fail a lail ó, horó, air fail a lail é
Air fail a lail ó, horó, air fail a lail é
Air fail a lail ó, horó, air fail a lail
Fail i fail ó, horó, air fail a lail é
A bhuachaille bhàin mas aìll leat labhairt air thùs
Gura leat-sa gun dàil mo làmh ma thig thu le mùirn
Gur truagh ma a tà nach do thàrladh mis' agus thu
Ann an eilein gun tràigh gun ràmh gun choite gun stiùir
Ma théid thu air sàil, a ghràidh, biodh gini ad' phòc
Is òl mo dheoch-slàint gach àit' an shidh thu mon bhòrd
Le d' chridhe geal, eudrom, éibhneach, aighearach, òg
Gur toil liom am beul o'm binn a thigeadh an ceòl
Gur toil liom an deud 's am beul nach labhradh le sgraing
Bhith sìnte ri m' thaobh, a ghaoil, nan digeadh tu ann
Mur bhiodh luchd nam breug bha mèudail 's mise gun taing
le òrdugh na cléir le chéile 'n ceangal gu teann
Nan robh mis' is thu am beinn no'm manadh no'n sliabh
No air an tràigh bhàin an ìt' nach robh duine riamh
Seachd oidhche, seachd là, gun tàmh gun chadal gun bhiadh
Ach thus' a bhith 'ghràidh 's do làmh gheal tharam gu fial
Air Fail A Lail O Lyrics performed by Mouth Music are property and copyright of the authors, artists and labels. You should note that Air Fail A Lail O Lyrics performed by Mouth Music is only provided for educational purposes only and if you like the song you should buy the CD