Go To Top

Chi Mi Bhuam Lyrics

Chi mi bhuam, fada bhuam
Chi mi bhuam ri muir-làn
Chi mi Muile nam beann fuar
Fada bhuam thar an t-sàil
Fada bhuam thar an t-sàil.

Chi mi mullach nam beann mór
Anns an òg-mhadainn aigh
An t-aon as airde dhiubh nan còrr
‘S badan ceò air a bàrr
Fada bhuam thar an t-sàil.

Chì mi ghucag air an fhraoch
Chì mi’n caorann fo bhlàth
Chì mi uisge glan nam beann
Tigh’nn ‘na dheann leis gach màm
Fada bhuam thar an t-sàil.

Tir a’ bharraich, tìr nan stuadh
‘S tric a luaidh ort na bàird;
‘S nuair a thug mi riut mo chùl
Rinn mi dùsgadh gu dàn
‘S bidh mi luaidh ort gu bràth.

Chi Mi Bhuam Lyrics performed by Karen Matheson are property and copyright of the authors, artists and labels. You should note that Chi Mi Bhuam Lyrics performed by Karen Matheson is only provided for educational purposes only and if you like the song you should buy the CD


What is the meaning of Chi Mi Bhuam lyrics?