Go To Top

Gaol Troimh Aimsirean Lyrics

Geamhradh air chul dhuinn 's funchd an Dubhlachd
Is gealladh earraich ris tighinn 'n ar smuain
Aimsir dochais dh' aois 's dh' oighridh
Agus aimsir solais a leigeil dheth suain
Fluran a' dusgadh blath's a' lughas
Is spionnadh as ur, an gaol bha'n inbhe dhol fuar
Fluran a' dusgadh blath's a' lughas
Is spionnadh as ur, an gaol bha'n inbhe dhol fuar

Gradh geal an t-samhraidh cas-ruisgt' a deann-ruidh
Is lathean sona ar leinn iad gun cheann
Dearrsadh greine toirt uainn leirsinn
A' dalladh ar ceile air saoghal mar bh'ann
Seall ud am marach s'fiamh a' ghair air
Tairgse dhuinn gradh nach fas fuar no fann
Seall ud am marach s'fiamh a' ghair air
Tairgse dhuinn gradh nach fas fuar no fann

Oiteag an fhoghair fionnar thar fadhail
Is arbhar fearrain nis buainte ri lar
Dia ri mholadh 'son an toraidh
Is Cruachan de chaonnadh fad' geamhraidh gu 'r blath's
Duilleach a' seargadh measan cuid searbh dhuidh
Is Roimhimm an dearbhadh air daighneachd ar graidh
Duilleach a' seargadh measan cuid searbh dhuidh
Is Roimhimm an dearbhadh air daighneachd ar graidh

'Nuair thig an geamhradh reothadh mar lannsa
Is storimean naimhdeil tigh'nn oirnne bho'n tuath
Dhuinn mar choist e gaol g'e seasmhach
'M faigh sinn an teisteanas maireannach buan
Dorcha g'e laithean dluth dhuinn tha marach
'S Earrach an aigh cur cagair 'n ar cluais

Gaol Troimh Aimsirean Lyrics performed by Capercaillie are property and copyright of the authors, artists and labels. You should note that Gaol Troimh Aimsirean Lyrics performed by Capercaillie is only provided for educational purposes only and if you like the song you should buy the CD


What is the meaning of Gaol Troimh Aimsirean lyrics?